Eilean Uibhist Mo Ruin

Dòchas

Eilean Uibhist mo rùin

Eilean cùbhraidh nam beann

Eilean Uibhist mo rùn

B'e mo dhùrachd bhith ann

An Eilean Uibhist mo rùn

B'e mo shòlas bhith air m' eòlas

San eilean bhòidheach ud thall

Far am faic mi mo chàirdean

'S gheibhinn fàilte nach gann

An Eilean Uibhist mo rùn

Far am faic mi fìr òga

Ghearradh mòine nan deann

'S a ghearradh snasail an t-eòrna

'S a chuireadh dòrlach sa bhann

An Eilean Uibhist mo rùn

Far am faic mi fìr liatha

Glic-bhriathrach nan cainnt

Mean-bheachdach sean-eòlach

A' toirt seòladh don chloinn

An Eilean Uibhist mo rùn

Far am faic mi mnathan uasal

Aoigheil, uallachal, trang

Tha ro-ainmeil nan stòltachd

'S an gnìomh dòigheil nan làimh

An Eilean Uibhist mo rùn

Tha coibhneas is bàigh

'Gabhail àit' ann an com

Gach neach a chaidh àrach

Fo sgàile nam beann

An Eilean Uibhist mo rùn

Bi aoigheachd is fàilte

Gu bràth feadh nan gleann

Fad 's a bhuaileas air tràigh

Boinne sàile nan tonn

An Eilean Uibhist mo rùn

'S e slàn leis na dh'fhàg mi

Bheir mo dhàn-sa gu ceann

'S le m' phiuthar, 's le m' bhràithrean

'S le m' phàrantan thall

An Eilean Uibhist mo rùn

Eilean cùbhraidh nam beann

Eilean Uibhist mo rùn

B'e mo dhùrachd bhith ann

An Eilean Uibhist mo rùn